Friday, June 12, 2009

Alain Rochat in Gaelic

Abhainn a' Chridhe ri Gàirdeachas 1
do Chailean

mo leanabh tiodhlac gun smal 's a liuthad tiodhlac ri teachd
sinn a' coiseachd leum thar nan allt
sinn a' leantainn oirnn a' sreap - na fionnain-feòir
gan sluigeadh suas anns na lèintean fosgailt' againn
clisgeadh de dh'aoibhneas làn

do làmh a' leigeil mo làimh' às - tha thu 'g ràdh
tha mi dol don ghiuthas ud thall - na do ghàrradh
thu a' gabhail 's a' toirt an t-saoghail uair is uair
agus air a thoirt an sin tha loinn a tha sinn a' cruinneachadh
's tu ri gàire 's a' labhairt an tiotain - na meuran agad
a' glacadh mo mheur fhèin 's a' sreap barrachd fhathast

No comments: