Wednesday, June 10, 2009
Jean-Georges Lossier in Gaelic
Un Éclair Court au Hasard
Dealanach, geàrr, le turchairt –
A-steach tron phreasarlach
Gu luideagan na h-oidhche
‘S i ga h-imlich gu lasair anns an spot.
Na dorsan dubh’ a’ bualadh –
Cluinnidh tu iad.
Na lòchrain sa ghaoith na cùis-uabhais
A bhios ag èirigh gam bruthadh fo chois.
Ach tilgidh an àilleachd ag iadhadh na talmhainn
Solas fada fhathast
Air na h-eilthirich air an sligh’ air adhart.
Ach an dèidh sin gun dùin an t-sìorraidheachd
Air a togail air cùl nan tobhtaichean
Thairis orra turas eile.

Subscribe to:
Post Comments (Atom)

No comments:
Post a Comment