Sunday, June 21, 2009
Jean-Raymond Tschumi in Gaelic
Fuaimean na Breatainn Bige
do mo bhràthair
Na sùmainnean a’ bualadh na Breatainn Bige.
An seo bidh ‘n duilleag a’ fàs tais le sgrìoban a tha geàrr.
‘S e tha san t-soirbheas ach oiteag am bagaid nan craobh
Is bidh eagal orra mun mhullach is a' ghaoth ri straighlich.
Na sùmainnean a’ bualadh anns a’ Bhreatainn Bhig, a bhràthair,
Sinn a’ fèilleachadh an seo ‘s ar n-aodann ris an teine
Breith de dh’fhiodh uaine maoth, fosglaidh am fonn,
Ar dèideagan air an cur air falbh gu buan,
Tha sinn air sinn fhèin a thoirt suas an-dràsta.
Bidh tost ar cridhe mun chaladh gar toirt ri chèile.
‘S tha clann ann cuideachd,
Iolaichean an aoibhneis air an carachadh gu saor.
Ach fhathast tha mi cluinntinn
A’ fuasgladh fad’ às fuaim bhodhar nan cogaidhean catharra
A mharbh an aigne gun crìoch a chur air miann.
‘S na sùmainnean, a bhràthair, ag ionnsaigh na Breatainn Bige,
Cop nam bruadar air fad a thionnsgain sinn uair
Air lagh mar bhall-airm bhon ùine ri teachd.
Sealladh dhe na Bàlcain
A leithid a dh’ìomhaigh, spealt a thìr
Far am bi na craobhan fhèin an aghaidh a chèile
‘S e duine ‘s e tarraing a-mach mo shùl
Gu ceithir àirdean
A chrois’ air a cur à àite.
Bidh ‘n ragadair air a chur
An riochd ùr, tha mi ‘n dùil,
Ga phasgadh ann an anart-bàis de mhodh.
Ach eadar fuil is luath
Bho seo a-mach bidh sgàilean
Ìomhaigh spealt
Agus tìr air fad air a murt.

Subscribe to:
Post Comments (Atom)

No comments:
Post a Comment