Thursday, April 16, 2009

S. Corinna Bille

Uaimh

Bha uaimh os cionn lios nam fìonan
Agus boireannach òg na broinn.
Cha nochdadh i ri duine
Ach uaireannan thigeadh luchd nam fìonan
‘S an t-eagal orra.

Sheall i san sgàthan air chumadh uighe,
Na sùilean aic’ air an socrachadh
Agus theireadh iad cho math
Gun robh nathair mar chuideachd aice.

Rinn i suas na sùilean
Aice le sulphate,
Am beul aice le dearcan dubha
‘S chuir i gagain bheaga ‘n crochadh
Ris na cluasan.

No comments: