Thursday, June 4, 2009
Mise agus Pangur Bàn
Mise agus Pangur Bàn
Brisidh an dùthchas tro shùilean a’ chait
Mise ‘s mo laochan Pangur Bàn
Ri seilg le chèile mar bu dàn,
A mheanmna fhèin gu lèir gu buan
Ri luchag is mi fhèin ri duan.
Gach oidhche ‘n uair sin ri rosg
(Seach òl mar chàch mar an trosg)
Is ri mo leabhran air obair a’ bhàird
Is obair nan luch aig Pangur mar cheàird.
M’ aire ri seo ri toirt sùil a-nall
Nam Schottenkloster ann an St. Gall
Air na beanntan àrda bhuam an cèin
Gun sgeul – mo sgìths! – air mo dhùthchas fhèin.
Brisidh an dùthchas tro shùilean a’ chait
Mise ‘s mo laochan Pangur Bàn
Ri seilg le chèile mar bu dàn,
A mheanmna fhèin gu lèir gu buan
Ri luchag is mi fhèin ri duan.
Gach oidhche ‘n uair sin ri rosg
(Seach òl mar chàch mar an trosg)
Is ri mo leabhran air obair a’ bhàird
Is obair nan luch aig Pangur mar cheàird.
M’ aire ri seo ri toirt sùil a-nall
Nam Schottenkloster ann an St. Gall
Air na beanntan àrda bhuam an cèin
Gun sgeul – mo sgìths! – air mo dhùthchas fhèin.
Subscribe to:
Post Comments (Atom)

No comments:
Post a Comment