Monday, May 11, 2009

Untersetzungen

Taigh-solais anns an oidhche
(Alfonsina Storni)


'S e tha san speur speur dubh.
‘S e tha sa mhuir clàr dubh.

An taigh-solais a’ fosgladh
A’ ghaoithrein-ghrèine ri oir oir na fairge,

A’ cur nan car anns an oidhche.
Cò tha e sireadh

Agus an cridhe nach seas
Gam shireadh anns a’ bhroilleach?

Seall a’ chreag dhubh
Nuair a tha i air a sparradh sìos.

Ròcas a’ cladhach gun lasachadh
Ach gun a bhith a’ cur fala tuilleadh.


Sgàilean-fodha
(Phillippe Jaccottet)

‘S iad na sgàilean-fiodha seo, macanta, foighidneach,
Nas aotroime na ‘m feur fiù ‘s
A thàinig beò sa gheamhradh,
Sgàilean-bàis a tha tostach, dìleas,
Nach fhairichear ach air èiginn

An-còmhnaidh ris an là gheal
A’ dol timcheall
Air ar bodhaigean
An-còmhnaidh sa bhlàr-a-muigh
Na leacan seo de sglèat liath.


Deireannach anns an Dùbhlachd
(Daniele Pantano)

Cho follaiseach. Gun mòran a’ dol. A’ chlann fhathast is am miann
Ris an t-sneachd’. An còrr. Airson rudeigin seach na tha comasach.
Nas aosta na ‘n ceò. Socrachadh mar dhealgan. Air a reothadh.
Air callaid. Nochd an geamhradh gun fhiosta, a’ cur gath air ar bacaidhean.
Ciùin. Chan ionndrainn neach an àbhaist. No fiù ‘s an lon-dubh.
Dìreach mar nach ionndrainn duine bho thaobh seach taobh deireadh an domhain.

2 comments:

Anonymous said...

Hello there,
I was wondering if you wouldn't mind posting the english translation of your poem. I'm especially interested in the translation of the phrase Taigh Solais.

Thank you.

Anonymous said...

ok

but who you?

Rody G