Saturday, May 9, 2009

Subversions, Traductions, Intertonguings

dè th’ ann
(Hans-Christian Oeser)

‘s e th’ ann sgudal
tha a’ chiall ag ràdh
‘s e th’ ann ach e fhèin
a chanas an gràdh

‘s e th’ ann dòrainn
a tha ‘n cunntas ag ràdh
‘s e arraing a th’ ann
a chanas an t-eagal
cha ghabh e leigheas
a chanas an tuigse
‘s e th’ ann ach e fhèin
a chanas an gràdh

‘s ann a tha e gòrach
a chanas an t-àrdan
tha e sgapte
a chanas an t-aithreachas
cha ghabh e dèanamh
a chanas am fiosrachadh
‘s e th’ ann ach e fhèin
a chanas an gràdh


Laoidh
(R. S. Thomas)


Dè tha san Nollaig
Gun an sneachd’? Tha feum againn air
Mar aran den aimsir fhuar,
Mar eirmean gus ar peacaidhean

A ghearradh, na mhuilcheann
Goirid air an cuir fear-brèige
Na carthanachd a chridhe,
Cho dàna ri brù-dhearg.


Ùrnaigh
(R. S. Thomas)


Uaigh Bhaudelaire
Gun a bhith tuilleadh is fada
Bho chraobh an eòlais.
An tè agam fhìn cuideachd
Bho dh’fheuch mi ‘s nach d’rinn an gnothach
Air goid bhuaipe,
Am badeigin am fianais
Craobh na bàrdachd
A chaitheas gu sìorraidh
Duilleagan uaine ‘n ama.

No comments: