Monday, March 23, 2009

Remo Fasani in Gaelic

Feasgar anns na Beanntan

Solas mar am fìon
Ri losgadh mun fhàire làn sneachda
‘S criothnachadh an crochadh os cionn nan creag.

An oidhch’ air nochdadh,
An uair sin a’ ghaoth na misg
Ri slacarsaich nan taighean aosta
‘S ri blaomadaich fhathast ann an aislingean.

Tha ‘n tuainealaich a-cheana
Ri sgiathalaich mu gach palla,
Clamhan ri farsanaich am fad na h-oidhche ‘s i falamh.

No comments: